4
2018 | 1 | AM FAOILLEACH AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG Anns a’ chiad dol a-mach, bu toigh leam an cothrom seo a ghabhail gu bhith a’ guidhe do ar luchd-leughaidh, ge b’ e àite anns a bheil bhur dachaigh, beannachdan Dhè anns a’ bhliadhna a tha romhainn. Seo mar a bha an t-Urr. Dr. Ruairidh a’ meòrachadh aon uair aig toiseach bliadhna ann an Àireamh an Fhaoillich. Tha na briathran cho freagarrach an-diugh agus a bha iad an uairsin. ‘Tha an t-àm seo ‘na àm sòlaimte do mhòran. Bidh iad a’ toirt sùil air ais air a’ bhliadhna a dh’fhalbh. Nach iomadh atharrachadh a thig air an t-saoghal ann am bliadhna. Fàgaidh i iomadh cuimhneachan againn. Bidh sinn uile a’ caoidh chàirdean a chaill sinn bho thàinig a’ bhliadhna a-steach. Aig an àm seo tha e nàdarra dhuinn a bhith a’ coimhead romhainn agus ag ullachadh airson nam mìosan a tha air thoiseach. Bidh luchd nan làithean- saora trang ag innse mu na cuairtean a dh’fhaodas daoine a ghabhail air feadh an t-saoghail nuair a thig an samhradh. Is fìor thoigh leam fhèin an t-seachdain eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ur nuair a tha cùisean rudeigin sàmhach agus cothrom ann a bhith a’ leughadh, a’ meòrachadh agus ag ullachadh. Bhiodh ar sinnsearan a’ cur luach air geallaidhean a’ Bhìobaill. Nach math gu bheil geallaidhean Dhè againn agus bliadhna eile romhainn, gun fhios aig duine againn dè a dh’fhaodas a bhith air thoiseach oirnn air an t-slighe. Chaidh Abrahàm a-mach gun fios a bhith aige càit an robh e a’ dol. Ach bha e a’ creidsinn gu robh Dia ga stiùireadh air an t-slighe air an robh e. Bha deuchainnean agus dorchadas ann am beatha Iòb, ach cha robh na nithean sin a’ tachairt gun fhios do Dhia – “Is aithne dhàsan an t-slighe agam”.’ Beannachdan na Bliadhn’ Ùire dhuibh uile. Am Fìor Urr. An t-Oll. Aonghas Moireasdan Le taing do agus cead bho sgioba BBC Rèidio nan Gàidheal, bidh sinn a’ toirt dhuibh tràth-sgrìobhaichean (deasaichte leis an sgioba againn fhèin) bho chuid de Smuaintean na Maidne thar nam bliadhnaichean. Tha sinn gu math toilichte gun tig a’ chiad tè dhiubh sin bhon Urr. Dtr. Ruairidh fhèin ‘s e a beachdachadh air an fhacal ‘uallach’. Facal Toisich Cùil nan Ceist (Bho Àireamh 1 – 2001) A chionn ‘s gu bheil sinn air bliadhna eile fhàgail às ar dèidh agus gu bheil bliadhna ùr romhainn, ‘s ann air bliadhnachan a bhios na ceistean an turas seo. Gheibh sibh freagairt nan ceist air a’ cheathramh duilleig anns an iris. 1. Dè cho fada agus a dh’fhuirich Pòl ann an Corintus, a’ teagasg facal Dhè ‘nam measg? (Leabhar nan Gnìomharan, caibideil 18) 2. Dè cho fada agus a tha Sàtan gu bhith air a cheangal? (Leabhar an Taisbeanaidh, caibideil 20) 3. Cuir crìoch air an earrainn seo: Chaith sinn ar bliadhnachan mar ---- a dh’innseadh. (Salm 90) 4. Cò an duine a bha rè mòran bhliadhnachan na bhritheamh ris an do rinn Pòl tagradh? (Gnìomharan 24)

NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - lifeandwork.org Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha,

Embed Size (px)

Citation preview

Page 1: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - lifeandwork.org Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha,

2 0 1 8 | 1 | A M F A O I L L E A C H

AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK

NA DUILLEAGANGÀIDHLIG

Anns a’ chiad dol a-mach, bu toigh leam an cothrom seo a ghabhail gu bhith a’ guidhe do ar luchd-leughaidh, ge b’ e àite anns a bheil bhur dachaigh, beannachdan Dhè anns a’ bhliadhna a tha romhainn. Seo mar a bha an t-Urr. Dr. Ruairidh a’ meòrachadh aon uair aig toiseach bliadhna ann an Àireamh an Fhaoillich. Tha na briathran cho freagarrach an-diugh agus a bha iad an uairsin. ‘Tha an t-àm seo ‘na àm sòlaimte do mhòran. Bidh iad a’ toirt sùil air ais air a’ bhliadhna a dh’fhalbh. Nach iomadh atharrachadh a thig air an t-saoghal ann am bliadhna. Fàgaidh i iomadh cuimhneachan againn. Bidh sinn uile a’ caoidh chàirdean a chaill sinn bho thàinig a’ bhliadhna a-steach. Aig an àm seo tha e nàdarra dhuinn a bhith a’ coimhead romhainn agus ag ullachadh airson nam mìosan a tha air thoiseach. Bidh luchd nan làithean-saora trang ag innse mu na cuairtean a dh’fhaodas daoine a ghabhail air feadh an t-saoghail nuair a thig an samhradh. Is fìor thoigh leam fhèin an t-seachdain eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ur nuair a tha cùisean rudeigin sàmhach agus cothrom ann a bhith a’ leughadh, a’ meòrachadh agus ag ullachadh. Bhiodh ar sinnsearan a’ cur luach air geallaidhean a’ Bhìobaill. Nach math gu bheil geallaidhean Dhè againn agus bliadhna eile romhainn, gun fhios aig duine againn dè a dh’fhaodas a bhith air thoiseach oirnn air an t-slighe. Chaidh Abrahàm a-mach gun fios a bhith aige càit an robh e a’ dol. Ach bha e a’ creidsinn gu robh Dia ga stiùireadh air an t-slighe air an robh e. Bha deuchainnean agus dorchadas ann am beatha Iòb, ach cha robh na nithean sin a’ tachairt gun fhios do Dhia – “Is aithne dhàsan an t-slighe agam”.’

Beannachdan na Bliadhn’ Ùire dhuibh uile.Am Fìor Urr. An t-Oll. Aonghas Moireasdan

Le taing do agus cead bho sgioba BBC Rèidio nan Gàidheal, bidh sinn a’ toirt dhuibh tràth-sgrìobhaichean (deasaichte leis an sgioba againn fhèin) bho chuid de Smuaintean na Maidne thar nam bliadhnaichean. Tha sinn gu math toilichte gun tig a’ chiad tè dhiubh sin bhon Urr. Dtr. Ruairidh fhèin ‘s e a beachdachadh air an fhacal ‘uallach’.

Facal Toisich

Cùil nan Ceist(Bho Àireamh 1 – 2001)A chionn ‘s gu bheil sinn air bliadhna eile fhàgail às ar dèidh agus gu bheil bliadhna ùr romhainn, ‘s ann air bliadhnachan a bhios na ceistean an turas seo. Gheibh sibh freagairt nan ceist air a’ cheathramh duilleig anns an iris.1. Dè cho fada agus a dh’fhuirich Pòl ann an Corintus, a’ teagasg facal Dhè ‘nam measg? (Leabhar nan Gnìomharan, caibideil 18)2. Dè cho fada agus a tha Sàtan gu bhith air a cheangal? (Leabhar an Taisbeanaidh, caibideil 20)3. Cuir crìoch air an earrainn seo: Chaith sinn ar bliadhnachan mar ---- a dh’innseadh. (Salm 90)4. Cò an duine a bha rè mòran bhliadhnachan na bhritheamh ris an do rinn Pòl tagradh? (Gnìomharan 24)

Page 2: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - lifeandwork.org Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha,

A Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha, is misneachd, is dòchas. Gum biodh a leithid de thròcair agad oirnn, agus gun robh thu gar togail gu a leithid de dh’ìre, ’s gun robh sinn air ar cumail suas tro fhìor chreideamh gu bheil thusa tròcaireach agus maitheanach, airson gun cùm sinn oirnn anns a bheatha a bhu-ineas don àm a th’air thoiseach: airson d’ àithntean a chumail, airson gàirdeachas a dhèanamh nad mhòr shaoibhreas, airson a bhith ag earbsa na do thròcair, agus airson gum biodh dòchas againn sa bheatha mhaireannach. Deònaich dhuinn uile, ge b’ e dè a thachras dhuinn, gum biodh sinn an còmhnaidh a’ cuimhneachadh gu bheil e uile a’ beantainn dha do threòrachadh-sa, fo do chùram, tro do rùn; airson, anns na làithean as duirche, ’s a’ coimhead riutsa, gum biodh: misneachd againn airson cumail oirnn, creideamh airson fulang, foighidinn airson a bhith a’ giùlain agus dòchas airson seasamh, fiù’s chun deireadh. Amen.

Seòras Dawson (1821-1876). © Eadartheangachadh le Iain Urchardan.

(Bho Aireamh 6 - 2013)

Tarsaing

1. Tha an ti aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair mar seo

(4)- Salm 146.

4. “An nì a tha aosda agus air fàs ----.” (4) –Eabhraidhich,

caibideil 8.

6. Bha duine a’ marcachd air. (4,5) – Sechariah, caibideil 1.

7. Thug Melchisedec seo a-mach. (4) – Genesis, caibideil 14.

9. Tha daoine mar seo anns a’ chaithir. (4) – Eclesiastes,

cabideil 9.

10. “ Gum faicinn sin an --- --- ---.” (3,3,3) – Salm 27, ann am

meadrachd.

12. Aite far an robh fàsach. (4) – Isaiah, caibideil 16.

13. Tha seo fìor. (4) – 1 Timoteus, caibideil 1.

Sìos

2. Cha tug na h-òighean amaideach seo leo. (3) – Mata,

caibideil 25.

3. “------- -- beatha” – bha seo a’ teachd a-mach à

righ-chaithir Dhè. (7,2) – Taisbeanadh, caibideil 22.

4. Bha na creidmhich a-nis mar seo. (6,3) – 1 Peadar, caibid

eil 2.

5. “----- mar shlabhraidh, uime sin.” (5) – Salm 73 ann am

meadrachd.

8. Rinn Iosa seo airson peacaidhean an t-sluaigh. (5) – Ea

bhraidhich, caibideil 2.

11. “Dh’ith --- do thaighe suas mi.” (3) – Soisgeul Eòin, caibid

eil 2.

Gheibhear fuasgladh an Tòimhseachain air an duilleig

chùil.

Searmon Beag

Smuain na maidne – uallach

Anman Mòra Aig An Ùrnaigh

Tòimhseachan Tarsaing (Bho Àireamh 1 – 2001)Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa. (Iosua 1: 5)Chan eil duine againne as urrainn faclan mar sin a chleachdadh le cinnt – mar a bha mi, bidh mi. Tha ar beatha mì-chinnteach. Chan eil fios againn dè a bheir latha no uair mun cuairt. Aig toiseach bliadhna eile chan urrainn dhuinn coimhead rom-hainn agus a ràdh gur ann mar a bha sinn a bhios sinn. Nuair a bheir sinn sùil air ais air bliadhna eile, nach iomadh neach a bha àrd ann an inbhe aig toiseach na bliadhna a chaill an t-àite a bha aca mun tàinig deireadh na bliadhna. Chan ann mar a bha iad a tha iad. Tha ar beatha neo-chinnteach. Ach chan e guth duine a tha a’ labhairt an seo ach guth Dhè – Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa. Tha Esan làn-chomasach air an gealladh sin a choileanadh, oir cha bhi Esan ag atharrachadh mar a bhios sinne: Is mise Iehòbhah, cha chaochail mi. ‘S e Iosua a fhuair an gealladh seo an toiseach – Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu. Tha e furasta dhuinn a dhèanamh nar n-inntinn mar a bhiodh Iosua a’ faireachadh aig an àm seo agus aige ri dreuchd Mhaois a ghabhail os làimh. Bhiodh e a’ faireachadh eu-comasach, gealtach, neo-ullaichte airson na bha roimhe. Ach fhuair Iosua an gealladh gum biodh Dia maille ris ceum air cheum, latha an dèidh latha. Agus aig toiseach na bliadhna tha gealladh Chrìosd againn: Feuch, tha mise maille ribh a-ghnàth, gu deireadh an t-saoghail.

Bidh am facal againn nar còmhradh airson rudeigin a tha sàraichte, doirbh a ghiùlan. Ach an rud a bhios na uallach dhan dara duine faodaidh e bhith na thlachd agus na thogail don neach eile. Nuair a tha obair a’ còrdadh ri duine chan eil e a’ coimhead air mar uallach. Cha bhi e a’ cumail sùil air a’ ghleoc agus fadachd air gus an tig an t-am airson a dhol dhachaigh. Tha an obair latha aige ga riarachadh gu sònraichte nuair a tha e faireachadh gu bheil e a’ cuideachadh a cho-chreutairean leis na rudan a tha e a’ dèanamh latha an dèidh latha. Thuirt Ìosa “Tha mo chuinge-sa so-iomchair agus tha m’ uallach aotram”. Mar neach leantainn Chrìosd chan e dragh ach tlachd a th’ ann a bhith na sheirbheis. Tha fios gum biodh an t-Abstoil Pòl tric sgìth, sàraichte. Tha e ag innse mu na trioblaidean a bhiodh e a’ fulang mar theachdaire aig an Tighearna Ìosa Crìosd. Còig tursan fhuair e dà fhichead buille ach a h-aon. Ghabhadh air le slatan trì uairean. Chaidh a chlachadh aon uair, trì uairean dh’fhuiling e long-bhriseadh. Ach cha robh Pòl a’ coimhead air na bha e a’ dèanamh de sheirbheis do Dhia agus do cho-chreutair mar uallach ach mar shochair, mar urram. Suas ri fichead turas na litrichean tha an t-Abstoil a’ cleachdadh an fhacail ‘aoibhneas’. A bhith a’ dèanamh seirbheis do Chrìosd, a bhith dèanamh seirbheis do cho-chreutairean, cha b’ e dragh no uallach a bha sin ach adhbhar gàirdeachais. Gach ni a bha e dèanamh bha e ga dhèanamh gu dìcheallach agus gu dùrachdach. Gur e sin a spiorad a bhios againne an-diugh. An Dtr Ruairidh MacLeòid (16 an Gearran 2017, air a chraoladh an toiseach aig BBC Radio nan Gàidheal

Page 3: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - lifeandwork.org Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha,

B’ e Gàidheal uasal, ainmeil a bha anns an Fhìor Urramach Tòmas MacCalmain a bha na Mhodaràtor air Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba ann an 1969. Ealanta ann an iomadh raon, bha e na sgrìobhadair torach an Gàidhlig ‘s am Beurla. Seo aon de na laoidhean a rinn e. Chaidh a chlò-bhualadh air tùs anns An Fhianais Ghàidhealaich anns an t-Sultain 1928, agus nochd e a-rithist anns an leabhar drùidhteach a sgriobh An t-Ollamh MacCalmain, Mo La Gu Seo. Eachdraidh mo Bheatha (Scottish Gaelic Texts Society, 2011), deasaichte le Dòmhnall E. Meek.

Iosa mo ShlanaighearIos’ is tu mo Shlànaighear;Ios’ is tu mo Rìgh:Nuair bha mi an dòrainn,Thèarainn thusa mi.

Tiugh-neul air gach taobh dhiom,Fois is treòir gam dhìth,Bhris thu mach nad àilleachd,Shoillsich thusa mi.

M’ anam bha air faondradhThar muir ‘s mi tùrsach sgìth;Dh’èirich an reult-mhaidne,‘S thug gu cala mi.

‘S mise bha am thruaghan,Gach là a’ sìor-dhol clì;‘S ged nach b’eòl mi’n sin ort,Ghràdhaich thusa mi.

Ged tha ‘n saoghal cho bòidheach,Fàsaidh sinn dheth sgìth,Is ged tha ‘r n-òige aoibhneach,‘S geàrr a mhaireas i.

Ios’, gur tu mo Shlànaighear,Gu bràth seo seinnidh mi:Gach uair bhios mi an dòrainn,Is tus’ a theàrnas mi.

Tha buidheann bho choitheanalan ann am paraiste an t-Sràtha is Shlèite san Eilean Sgitheanach air a bhith a’ cruinneachadh gach seachdain fo stiùir Mairead Dhòmhnallach airson faclan Gàidhlig ionnsachadh airson laoidhean Gàidhlig bhon leabhar ‘Seinneamaid Còmhla’. Chaidh an leabhar seo a dheasachadh le sgioba à Stafainn agus buidheann nas fharsainge de dh’eadar-theangairean. Tha measgachadh de luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine aig nach eil facal dhith a’ tighinn cruinn còmhla agus tha e air a bhith na thlachd a bhith a’ moladh Dhè nar cànan fhèin. Faodaidh sibh lethbhreac fhaighinn air Amazon

(Bho chaochladh Àireamhan)Ceann-teagaisg airson a’ mhìos seo: “Is e an Dia bithbhuan do thèarmann.” Tha sin sgrìobhte anns an t-Seann Tiomnadh. Tha e ann an leabhar Dheuteronomi, an treas caibideil deug thar fhichead (33:27). Tha sinne beò ann an saoghal caochlaideach. Ach tha Dia bithbhuan, sìorraidh. Chan eil Esan ag atharrachadh mar a bhios sinne ag atharrachadh. Tha iomadh laoidh bhrèagha againn anns a’ Ghàidhlig. Tha mòran laoidhean air eadar-theangachadh on Bheurla. Ach tha na ceudan againn a bha air an cur ri chèile air tùs ann an Gàidhlig. Thug na lao-idhean sin cofhurtachd do dhaoine a bha ri bròn. Chuala mòran guth Dhè a’ labhairt riu anns na faclan sin. Thug iad togail do chridheachan dhaoine. Seanfhacal airson a’ mhìos seo; “Cha dèanar math gun mhulad.” Tha gliocas anns na seanfhaclan. Tha am Bìoball ag iarraidh oirnn math a dhèanamh do dhaoine eile. Ach bidh sin air uaireannan cosgail. Bidh daoine coibhneil agus chan fhaigh iad taing sam bith air a shon. Bidh daoine a’ fulang airson daoine eile a chuideachadh. Fàgaidh iad iad fhèin gun mòran airgid agus iad a’ feuchainn ri cob-hair a thoirt do dhaoine bochda. Ach thubhairt Pòl, “Chan eil bhur saothair idir dìomhain anns an Tighearna.” (1 Corintianaich 15:58)Tha mòran daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a’ leughadh nan Duilleagan Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gu bheil Gàidhlig Shìmplidh gan cuideachadh. Bidh sinn toilichte ma chuireas luchd-ionnsachaidh litrichean thugainn. Gheibh sinn uile, fileantaich agus luchd-ionnsa-chaidh, cuideachadh le bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill ann an Gàidhlig.

Laoidh Le Tomas Maccalmain Gàidhlig Shìmplidh

Seinneamaid Còmhla

Am Fìor Urr Tòmas MacCalmain.

Page 4: NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - lifeandwork.org Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha,

Thall ’s a-Bhos

Ùrnaigh

Seann eaglais Tharscabhaig a chaidh a thogail le muinntir an àite mu 1860. Chaidh a’ bhanais mu dheireadh a chumail innte ann an

1940 agus dhùin i airson sheirbheisean tràth anns na 1970an. © Graham McPherson, Tarscabhaig

A Dhè shìorraidh, tha Thusa gun

atharrachadh mar a tha na linntean

a’ gabhail seachad. Glòir dhut gu

bheil Thu gar gràdhachadh le gràdh

sìorraidh. Taing dhut gu bheil Thu gar

misneachadh le geallaidhean sìorraidh.

Cuidich leinn a bhith a’ cur ar dòchais

nad ghràdh agus nad gheallaidhean aig

toiseach bliadhna eile.

Amen

AM FEAR-DEASACHAIDHGus an tèid Deasaiche ùr a thaghadh, faodaidh sibh post-d a chur dhan Bhuidhinn Ghàidhlig aig [email protected] ma bhios pìosan sgrìobhte no litrichean agaibh airson nan ath irisean.

ADHBHAR GÀIREAnns na seann làithean bhiodh tughadh air mòran de na taighean anns am biodh coitheanalan ag adhradh. Ann an taigh-leughaidh ann an Ìle bhiodh an t-uisge a’ snighe tron tughadh. Bha fear-togail an fhuinn a’ dol a sheinn sreath ann an salm nuair a chunnaic e gu robh spot dubh air an duilleig a bha a’ cur sgleò air na faclan. Chùm e roimhe agus sheinn e briathran nach do sgrìobh Daibhidh: The snigh’ air an loidhn’ ‘s cha lèir dhomh e.

Fuasgladh nan Ceist

RANNGuth Ìosa chuala mi ag ràdh,“Is mise soills’ an t-saogh’l;

Seall orm,‘s a’ mhadainn dealraich ort,‘S do là bidh geal a-chaoidh.”

Chum Ìosa sheall mi agus fhuairAnnsan mo reult ‘s mo ghrian;

San t-solas ghlan seo gluaisidh mi,Gu deireadh làith mo thriall.

Seo an rann mu dheireadh anns an laoidh aig Hor-atius Bonar, I heard the voice of Jesus say. Rinneadh an t-eadar-theangachadh leis an Oll. Urr. Raibeart Blàrach. Rugadh esan ann an Dùn Obhainn ann an 1837, agus chaidh àrach ann an Ìle. Bha e an toise-ach ‘na mhinistear air Tairbeart Loch Fìn, ann an Ea-glais Chaluim Chille ann an Glaschu, ann an Camas nan Long, agus mu dheireadh ann an Dùn Èideann. Bha e an sàs gu mòr anns an eadar-theangachadh ùr den Bhìoball Ghàidhlig ann an 1902.

FUASGLADH AN TÒIMHSEACHAINTarsaing: 1. Sona 4. Sean 6. Each ruadh 7. Aran 9. Gann 10. Tìr nam beò 12. Sela 13. RàdhSìos: 2. Ola 3. Abhainn na 4. Sluagh mòr 5. Àrdan 8. Rèite 11. Eud

Seo freagairt nan ceist a chuir sinn oirbh air a’ chiad duilleig.

1.Bliadhna agus sia mìosan.

2. Mìle bliadhna.

3. ----sgeul----

4. Felics. Ciamar a chaidh dhuibh?