4
2019 | 6 | AN T-ÒGMHIOS AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG Tha mi cinnteach gun dèan gach aon againn co-ghàirdeachas ris an naidheachd a tha am broinn na h-irise seo gun robh eadar- theangachadh ùr dhen Tiomnadh Nuadh air a chrìochnachadh agus air fhoillseachadh am-bliadhna. B’ e saothair mhòr eadar- eaglaiseil a bh’ ann a thug còrr is 10 bliadhna bho thùs gu èis. B’ e amas na sgioba a bhith ag eadar-theangachadh Facal Dhè bhon Ghreugais thùsail gu Gàidhlig an latha an-diugh, no mar a chuir an t-Urr Iain D. Urchardan e: “dìlseachd dhan Ghreugais agus soilleireachd sa Ghàidhlig”. Anns an iris seo, tha aithris leis an Urr Urchardan air an eadar- theangachadh ùr, a’ toirt iomradh inntinneach air a’ phròiseas a bhathar a’ leantail gus tionndadh ùr dhen Bhìoball a thoirt gu bith, cho math ris an dòigh mhionaideach anns an robh iad ag obair. Tha sinn an comain an Urr Urchardan airson am pìos a sgrìobhadh, agus gu dearbh fhèin do gach neach a bha ag obair gu dìcheallach gus an Fhìrinn a dhèanamh nas ruigsinniche agus nas fhosgailte dhuinn uile. Mo bheannachd cheudna air Comann Bhìoball na h-Alba airson am pròiseact fiachail seo a thoirt gu buil. Roimhe seo, b’ e an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig a b’ ùire am fear bho 1902, a chaidh eadar-theangachadh às leth Comann Bhìoball na h-Alba, a bha air uallach a’ Bhìobaill Ghàidhlig a ghabhail os làimh ann an 1872. Ged a chaidh tionndadh ùr dheth fhoillseachadh ann an 2000, le ùrachadh litreachaidh ann, bha an teacs fhèin uaireannan doirbh do leughadairean òga agus ùra na Gàidhlig, leis mar a tha an cànan air a bhith ag atharrachadh tron linn. Ach ge brith cò an cànan sam bheil an Fhìrinn, no cò an tionndadh a thathar a leughadh, ’s e an rud as cudromaiche gun tuig daoine brìgh an sgeòil, ach am fiosraich iad fhèin solas eòlas glòir Dhè. Oir is e Dia, a thuirt, “À dorchadas soillsicheadh solas,” an t Aon a th’ air deàlradh nar cridheachan airson solas eòlas glòir Dhè a thoirt dhuinn ann an aghaidh Ìosa Crìosd. (2 Corintianaich 6) Leis gach beannachd, Donnchadh Sneddon, Obar Dheathain Liam Alastair Crouse, Uibhist a Deas Facal Toisich Seo agaibh dealbh de làrach seann Chathair- eaglais nan Eilean, air Eilean Chaluim Chille, Snìosort, san Eilean Sgitheanach. Chaidh a’ chathair-eaglais seo a stèidheachadh mun 11mh linn nuair a bha an sgìre-easbaig fo sgèith na Nìrribhidhe (Cathair-eaglais Nidaros). B’ e aon de dh’eaglaisean Easbaig nan Eilean a bh’ innte. Ge- tà, bha an t-àite aithnichte roimhe, agus Calum Cille na latha fhèin a’ searmonachadh faisg air làimh. Mar chuimhneachan air sin, tha Teampall Chaluim Chille air an làrach cuideachd. Ged a chaidh a’ chathair-eaglais a leagail ri linn an Ath- leasachaidh, cha deach an teampall a sgrìos agus chithear fhathast e. B’ e àite-adhlacaidh do chinn- cinnidh Chloinn MhicNeacail a bh’ anns an eilean. © Liam Crouse Dealbh

NA DUILLEAGAN GÀIDHLIG - Life and Work · 2019. 5. 15. · Tha mi cinnteach gun dèan gach aon againn co-ghàirdeachas ris ... Ann a bhith a’ cur Facal Dhè ann an Gàidhlig an

  • Upload
    others

  • View
    1

  • Download
    0

Embed Size (px)

Citation preview

  • 2 0 1 9 | 6 | A N T - Ò G M H I O S

    AIR AN CUR A-MACH AN LÙIB | LIFE AND WORK

    NA DUILLEAGANGÀIDHLIG

    Tha mi cinnteach gun dèan gach aon againn co-ghàirdeachas ris an naidheachd a tha am broinn na h-irise seo gun robh eadar-theangachadh ùr dhen Tiomnadh Nuadh air a chrìochnachadh agus air fhoillseachadh am-bliadhna. B’ e saothair mhòr eadar-eaglaiseil a bh’ ann a thug còrr is 10 bliadhna bho thùs gu èis. B’ e amas na sgioba a bhith ag eadar-theangachadh Facal Dhè bhon Ghreugais thùsail gu Gàidhlig an latha an-diugh, no mar a chuir an t-Urr Iain D. Urchardan e: “dìlseachd dhan Ghreugais agus soilleireachd sa Ghàidhlig”.

    Anns an iris seo, tha aithris leis an Urr Urchardan air an eadar-theangachadh ùr, a’ toirt iomradh inntinneach air a’ phròiseas a bhathar a’ leantail gus tionndadh ùr dhen Bhìoball a thoirt gu bith, cho math ris an dòigh mhionaideach anns an robh iad ag obair. Tha sinn an comain an Urr Urchardan airson am pìos a sgrìobhadh, agus gu dearbh fhèin do gach neach a bha ag obair gu dìcheallach gus an Fhìrinn a dhèanamh nas ruigsinniche agus nas fhosgailte dhuinn uile. Mo bheannachd cheudna air Comann Bhìoball na h-Alba airson am pròiseact fiachail seo a thoirt gu buil.

    Roimhe seo, b’ e an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig a b’ ùire am fear bho 1902, a chaidh eadar-theangachadh às leth Comann Bhìoball na h-Alba, a bha air uallach a’ Bhìobaill Ghàidhlig a ghabhail os làimh ann an 1872. Ged a chaidh tionndadh ùr dheth fhoillseachadh ann an 2000, le ùrachadh litreachaidh ann, bha an teacs fhèin uaireannan doirbh do leughadairean òga agus ùra na Gàidhlig, leis mar a tha an cànan air a bhith ag atharrachadh tron linn.

    Ach ge brith cò an cànan sam bheil an Fhìrinn, no cò an tionndadh a thathar a leughadh, ’s e an rud as cudromaiche gun tuig daoine brìgh an sgeòil, ach am fiosraich iad fhèin solas eòlas glòir Dhè. Oir is e Dia, a thuirt, “À dorchadas soillsicheadh solas,” an t Aon a th’ air deàlradh nar cridheachan airson solas eòlas glòir Dhè a thoirt dhuinn ann an aghaidh Ìosa Crìosd. (2 Corintianaich 6)

    Leis gach beannachd, Donnchadh Sneddon, Obar DheathainLiam Alastair Crouse, Uibhist a Deas

    Facal Toisich

    Seo agaibh dealbh de làrach seann Chathair-eaglais nan Eilean, air Eilean Chaluim Chille, Snìosort, san Eilean Sgitheanach. Chaidh a’ chathair-eaglais seo a stèidheachadh mun 11mh linn nuair a bha an sgìre-easbaig fo sgèith na Nìrribhidhe (Cathair-eaglais Nidaros). B’ e aon de dh’eaglaisean Easbaig nan Eilean a bh’ innte. Ge-tà, bha an t-àite aithnichte roimhe, agus Calum Cille na latha fhèin a’ searmonachadh faisg air làimh. Mar chuimhneachan air sin, tha Teampall Chaluim Chille air an làrach cuideachd. Ged a chaidh a’ chathair-eaglais a leagail ri linn an Ath-leasachaidh, cha deach an teampall a sgrìos agus chithear fhathast e. B’ e àite-adhlacaidh do chinn-cinnidh Chloinn MhicNeacail a bh’ anns an eilean.

    © Liam Crouse

    Dealbh

  • Tha deichead ann bho thug Comann Bhìoball na h-Alba an sgioba eadar-theangachaidh againn còmhla airson pròiseact an Tiomnaidh Nuaidh a thòiseachadh. Ged a chaidh ar tarraing o àitean is eaglaisean eadar-dhealaichte, bha aon amas chudromach againn: gum biodh Sgriobtaran an Tiomnaidh Nuaidh – air an eadar-theangachadh gu dìleas – aig muinntir na Gàidhlig ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Ged a thogadh cuid san sgioba leis an t-seann eadar-theangachadh, agus ged a bha meas mòr againn air, bha sinn ag aithneachadh gun robh e glè dhuilich do mhòran a thuigsinn. Oir, thairis air an 250 bliadhna on a chaidh an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh a Ghàidhlig na h-Alba, tha a’ Ghàidhlig fhèin air atharrachadh gu mòr. Chaidh an t-eadar-theangachadh sin cuideachd a sgrìobhadh ann am measgachadh de dhual-chainntean Shiorrachd Pheairt is Shiorrachd Earra-Ghàidheil, agus, bha buaidh mhòr aig an eadar-theangachadh Gàidhlig Clasaigeach air, am fear a chur Uilleam Beidil air dòigh ann an Èirinn. Bha a’ chiad choinneamh aig an sgioba eadar-theangachaidh againne san t-Samhain 2008, ann an seòmar-cruinneachaidh taigh-òsta ann an Inbhir Nis. Bha dà nì ann a chùm sinn far comhair fhad ’s a bha sinn a’ dol air adhart: dìlseachd dhan Ghreugais agus soilleireachd sa Ghàidhlig. Gach turas a choinnicheamaid, shuidheamaid sìos le dreachd de chuibhreann sònraichte a bha aon againn air eadar-theangachadh (rinn an t-Urr. Iain D. Urchardan barrachd air leth dhe na ciad dhreachdan), agus, far an robh feum air, dhèanadh sinn ath-sgrìobhadh air earrainnean fa leth gus an aontaicheadh gach neach san sgioba gun robh e: dìleas dhan Ghreugais, soilleir a leughadh is ceart a thaobh GOC. Bha sinn uile ag iarraidh an obair seo a dhèanamh cho math ’s a b’ urrainn dhuinn. A thuilleadh air ar prìomh sgioba eadar-theagachaidh: Iain Aonghas Dòmhnallach, John Lincoln, Ruairidh MacIlleathain agus Iain D. Urchardan, bha pàirt chudromach aig feadhainn eile ann a bhith a’ toirt an eadar-theangachaidh seo gu buil. B’ e Colin Hay, on Chomann Bhìoball, a chruinnich am prìomh sgioba. Chaidh iarraidh air an Àrd-Oll. Urr. Paul Ellingworth a bhith na neach-comhairle air cùisean teicnigeach eadar-theangachaidh. Bu toigh leinn taing mhòr a thoirt dhàsan, oir tha an tionndadh ùr tòrr nas fheàrr air sgàth a thaice-san na bhiodh e às aonais. Tha sinn f ìor thaingeil airson na h-oidhirp mhòir a rinn an dithis seo airson a’ phròiseict a chur air dòigh.

    Fhad ’s a bha an obair a’ dol air adhart, fhuair sinn taic air leth o Elaine Duncan, stiùiriche Chomann Bhìoball na h-Alba, agus cuideachd bhuapasan a bha air ceann a’ phròiseict às leth a’ Chomainn an dèidh do Colin Hay a dhreuchd a leigeil dheth: Ian Lawson is Lawrence Sum. Bu mhath leinn taing a thoirt dhaibhsan, agus cuideachd do dh’urrasairean a Chomainn airson na taice a thug iadsan dhuinn. Pàirt dhen t-slighe tron phròiseact ghluais sinn ar coinneamhan à Inbhir Nis dhan Eilean Sgitheanach, gu Ionad Fàs, aig Sabhal Mòr Ostaig. Chan e a-mhàin gun do sheall SMO ùidh sa phròiseact, ach mhisnich iad sinn air iomadh dòigh, a’ toirt rùm-cruinneachaidh is rumannan fuirich dhuinn aig prìs f ìor reusanta. Nuair a bha ceistean teicnigeach gràmair againn, fhuair sinn taic air leth bhuapa cuideachd. Tha sinn a’ toirt taing mhòr do sgioba SMO. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt do charaidean eile a chuir ri ar n-obair aig diofar amannan, a thaobh aoigheachd, taic-airgid is misneachd. Nuair a ràinig sinn ìre clò-bhualaidh, an toiseach le Soisgeul Eòin (2010), agus an uair sin leis an Tiomnadh Nuadh gu lèir, chaidh an teacsa a chur a-mach gu luchd-sgrùdaidh, a rinn seirbheis air leth dhuinn ann a bhith a’ togail mhearachdan. Tha sinn airson taing shònraichte a thoirt do dh’Iain MacDhòmhnaill a bha na Cheannard air Comhairle nan Leabhraichean aig an àm, agus a rinn mion-sgrùdadh air faisg air leth dhen Tiomnadh Nuadh, a’ tòiseachadh le Soisgeul Eòin. Tha sinn cuideachd ag iarraidh taing a thoirt do dh’àireamh mhòr dhen luchd-sgrùdaidh eile a chuidich san aon dòigh le obair deasachaidh. Rinn iad obair sgoinneil. Tha sinn cuideachd a’ toirt taing dhan Chomann Bhìoball Bhreatannach agus Chèin is gu sònraichte do Neil Rees (Studge) airson na taice clò-shuidheachaidh agus airson ar teacsa uile a chur air loidhne. Cuide riuthsan mholamaid Comann Bhìoball Ameireagaidh airson taic a thoirt dhuinn le App a chruthachadh airson fònaichean-làimhe is eile. Mu dheireadh, tha sinn a’ toirt taing do Chomhairle nan Leabhraichean agus do bhuidhnean eile a thug taic maoineachaidh dhan phròiseact. Ann a bhith a’ cur Facal Dhè ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha an sgioba an dòchas gun cluinn gach neach a leughas e guth Dhè a’ bruidhinn riutha, agus mar sin, gun cuir iad eòlas air an t-sìth is air an t-slàinte a tha a-mhàin rim faighinn ann an Crìosd. ’S e ar miann gum bi gach moladh, agus urram, agus glòir, a’ dol gu Dia ’s gu Dia a-mhàin. An Canan Urr. Iain Aonghas Dòmhnallach STB, MA (Hons), M.LittAn t-Urr. Eoin Lincoln BA, BD, MPhilAn t-Urr. Ruairidh MacIlleathain BSc (Hons) Arch, PgDip Arch, BThAn t-Urr. Iain D. Urchardan BA (Hons), BD (Hons)

    An Tiomnadh Nuadh - an t-Eadar Theangachadh ùrLeis an Urr. Iain D. Urchardan

  • nuair a dh’aonadh na h-eaglaisean Easbaigeach, Chlèireach, Lutheranach, Mheathodach agus Cho-Thionalach gus Eaglais na Pagastan a chruthachadh. Mar sin, ’s eaglais “eadar-eaglaiseach” a th’ ann an Eaglais na Pagastan, agus is iad ar n-eaglais-chèile anns an rìoghachd sin. An-diugh, tha còrr is 500,000 ball ann an Eaglais na Pagastan, ann an 460 sgìrean ann an ochd sgìrean-easbaig air feadh na dùthcha. Tha na Crìosdaidhean ann am Pagastan am measg nan daoine as bochda ann an dùthaich bhochd, tha a’ mhòr-chuid gun chomas-leughaidh no mòran foghlaim idir (na mnathan gu h-àraidh), agus tha a’ mhòr-chuid ag obair ann an obraichean sgalagail, a’ sguabadh nan sràidean, no a’ glanadh thaighean-beaga. A bharrachd air seo, tha mòran dhiubh a’ fulang geur-leanmhainn, eadar leth-bhreith agus fòirneart, le ionnsaighean air eaglaisean agus coimhearsnachdan Crìosdaidh.

    An-diugh, tha Eaglais na h-Alba a’ cumail taic ri iomadh pròiseact aig Eaglais na Pagastan, nam measg sgoiltean (gu h-àraidh airson caileagan), mothachadh HIV/Aids, Kunri Christian Hospital ann an Sindh, agus dà cholaiste diadhachd, Gujranwala Theological Seminary agus St Thomas Theological College ann an Karachi. Tha sinn cuideachd an sàs ann an caochladh iomairtean san dùthaich, gu h-àraidh:

    • Iomairt an aghaidh lagh toibheim. Tha an lagh seo air a bhith air a chleachdadh mar gheur-leanmhainn, gu sònraichte an aghaidh Chrìosdaidhean agus luchd-leantainn mion-chreideamhan eile.

    • Iomairt an aghaidh iompachadh-èiginn agus pòsadh-èiginn. Tha an dà chuid gu tric a’ tachairt le chèile, le caileagan òga air an toirt fo bhruid, gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach.

    • Iomairt an aghaidh stuthan leth-bhreitheach ann an leabhraichean-sgoile.

    Tha Comhairle Misean an t-Saoghail am broinn Eaglais na h-Alba ag iarraidh oirnn a bhith ag ùrnaigh airson beannachdan Dhè air na h-iomairtean agus pròiseactan seo uile, agus gu h-àraidh airson Aasiya Noreen no Asia Bibi. ’S e bean Chrìosdaidh bhochd a th’ ann an Àisia, a chaidh a cur ann am prìosan airson toibheim as dèidh argamaid le a nàbaidhean - tha an lagh seo air a chleachdadh gu tric an aghaidh luchd-leantainn mion-chreideamhan gus connspaidean a bhuannachadh. Chaidh dithis neach-poileataigs, Shahbaz Bhatti agus Salmaan Taseer, a mharbhadh airson seasamh airson a còir gu poblach.

    Às dèidh cha mhòr deich bliadhna a’ feitheamh ri peanas bàis, chaidh a leigeil saor ann an 2018, agus tha i-fhèin agus a teaghlach a’ sìreadh comraich thall thairis. Tha iomairt eagalach a’ dol gus a cur gu bàs, agus tha ise agus a teaghlach falaichte leis an riaghaltas an-dràsta. Aig àm sgrìobhaidh (an Giblean 2019), tha i fhathast steigte ann am Pagastan, le Prìomh Mhinistear na Pagastan, Imran Khan, ag ràdh gu bheil “duilgheadasan” a’ cur bacadh air a leigeil às an dùthaich - tha coltas ann gu bheil eagal air gun tachradh barrachd ùpraid agus fòirneart nan d’rachadh a saoradh.

    Dìreach air an aon latha san deach Na Duilleagan Gàidhlig gu clò, fhuair sinn an naidheachd gu bheil Asia Bíbí air Pagastan fhàgail, agus tha a-nis ann an Canada le a dithis nighean. Tha sinn a’ togail taing dhan Tighearna airson a saoradh, agus a’ guidhe gach beannachd oirre sa bheatha ùr aice ann an dùthaich ùr. Aig an aon àm, tha sinn ag ùrnaigh nach bi feum air Pagastanaich an dùthaich aca fhèin fhàgail air sgàth eagal ro fhòirneart agus geur-leanmhainn.

    ’S e Latha Fhèill Chaluim Chille a th’ anns an 9mh latha den Ògmhios. B’ e naomh cudromach a bh’ ann an Calum Cille a thàinig à Èireann gu ruige Alba anns an t-6mh linn. Bha e a’ fuireach ann an Eilean Ìdhe mu dheireadh, faisg air an Eilean Mhuileach ann an Earra-Ghàidheal.

    Tha grunn sgeulachdan ann mun duine iomraiteach seo ann am beul-aithris nan Gàidheal, a’ toirt fianais air a’ mheas a bh’ aig daoine air. ’S dòcha gur e an rud as ainmeile a rinn e, ann am beachd a’ mhòr-shluaigh, a bhith a’ toirt air uilebheist teicheadh air ais ann an Abhainn Nis.

    Bhiodh Calum Cille a’ sgaoileadh an t-Soisgeil do shluaghan a’ Chinn a Tuath ann an Alba. Tha aithris air thall ’s a-bhos. Mar eisimpleir, anns an aithris a tha an cois Dealbh na mìosa, tha sinn a’ leughadh gun robh e a’ searmonachadh ann an Snìosort, ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh teampall dha mar chuimhneachan air an obair seo, a tha fhathast ann an-diugh.

    Tha teampall eile ann am Beinn na Faoghla air a bheil Teampall Chaluim Chille, ach chan eil sinn a’ smaointinn gun robh e anns an eilean sin a’ searmonachadh. Chaidh an t-ainm sin a choisrigeadh, no a thoirt air, mar chuimhneachan air an naomh. Tha ainmeachadh, no coisrigeadh, mar seo cumanta air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan.

    Rugadh Calum Cille ann an 521 ann an Gartán, Èire. Mar sin, ann an 2021, bidh 1500 bliadhna ann o rugadh e. Tha dùil gum bithear a’ comharrachadh a cho-latha-breith ann an Alba agus ann an Èireann air a’ bhliadhna sin.

    Àireamh-sluaigh: 212,742,631Àireamh-sluaigh Chrìosdaidh: mu dhà mhilleanCreideamh mòr-chuid an t-sluaigh: Ioslam (Sunni)

    Tha Eaglais na h-Alba air a bhith an sàs anns an sgìre far a bheil Pagastan an-diugh bho 1857, nuair a chaidh misean a stèidheachadh ann an Sialkot. Às dèidh neo-eisimeileachd na Pagastan agus a sgaradh bho na h-Innsichean ann 1947, thòisich còmhraidhean mu eaglais Phròstanach nàiseanta ùr a chur air dòigh, rud a thàinig gu buil ann an an 1970,

    Gàidhlig Shìmplidh

    Às gach uile threubh is theangaidh: Pagastan

  • Nach fhiach i buadhan a chosg mun cuairt dhithAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn?

    Cha ghabh e luaidh leinn, a luach ‘s a prìs‘S e gràdh an Uain i dha shluagh a chaoidh -Nach bochd nach d’fhuair mi bho m’ òige suas iAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    Nuair dh’fheumar fàgail is slàn thoirt leibh‘S a thèid mo ghiùlain a-null à tìmGu seas i ‘n uair sin aig Cùirt an Uain miAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    Nuair bhios an treud nach tug gèill dhan Rìgh‘S a bhinn nan cluasan – “O bhuamsa sibh!”Nach sona ‘n sluagh sin le Neamhnaid luachmhorNach toirear bhuapa bhon fhuair iad i.

    Leugh sinn roimhe san iris seo fhèin mar a bhiodh Eilean Chaluim Chille na stèidh do dh’Easbaig nan Eilean. A rèir nan seann làmh-sgrìobhainnean Sasannach, b’ ann san 12ra linn a bha easbaig àraidh à Cumbria ris an cante Wimund stèidhichte ann an Snìosort. Ach ’s dòcha nach b’ e an t-easbaig a bu dhìcheallaiche a bh’ ann an Wimund. Bha e car àrdanach a rèir coltais agus bha nòisean aige do dh’obair na bu spreòdaiche na moladh Dhè. Thog e air mar reubadair-mara air ceann feachd, a’ togail chreach air fearann na h-Alba. Ach nuair a dh’fheuch e ri ionnsaigh a thoirt air Easbaig Ghall-Ghàidhealaibh, Gille Aldan, cha deach leis. Mar pheanas, chaidh a dhalladh agus a spoth, agus chuirte e gu ruige manachainn ann an Siorrachd Eabhraig airson a’ chòrr dhe bheatha.

    • Tha Graham Cooper, a tha a’ fuireach ann an Àfard, Siorrachd Obar Dheathain air nobhail a sgrìobhadh mu dheidhinn bheatha Dhùghaill Bhochanain, sàr-bhàrd an 18mh linn a bha an sàs ann an eadar-theangachadh nan Sgrìobtairean. Tha Luath Press an dùil gum biodh e ri fhaotainn ann an clò as t-samhradh am-bliadhna. Tha sinn an dùil gum biodh ùidh aig ar luchd-leughaidh ann, agus mar sin bidh sinn a’ foillseachadh lèirmheas dhen leabhar nuair a tha an leabhar fhèin air fhoillseachadh (san ath àireamh de Na Duilleagan Gàidhlig, tha sinn an dòchas). Is e tiotal an leabhair, Dà Shamhradh ann an Raineach.

    • ’S dòcha gu bheil sibh air fhaicinn gun robh Eaglais na h-Alba a’ sireadh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig air a’ bhliadhna seo. ’S e an obair a bhios ron neach thar na bliadhna ri thighinn a bhith a’ cuideachadh le leasachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart am broinn na h-Eaglaise. Tha Buidheann Ghàidhlig Eaglais na h-Alba air a bhith ag obair thar nam bliadhnaichean gus Plana Gàidhlig a dhealbhadh dhan Eaglais, agus tha dùil gun cruthaich an t-oifigear ùr seo plana mionaideach airson a chur ann an gnìomh.

    • Chaidh leabhar-latha ùrnaigh a chur gu Gàidhlig bho chionn ghoirid, mar phàirt de iomairt creideimh air feadh an t-saoghail. Bidh seo feumail do dh’òigridh. Tha e ri fhaighinn air https://www.thykingdomcome.global/resources/prayer-journal-gaelic.

    Taghadh às ‘An Neamhnaid Luachmhor’ le Eachann MacFhionghain, Beàrnaraigh na Hearadh

    An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìnCha toirinn bhuam i air luach no prìsBha ‘n Triùir mun cuairt dhith a sheulaich shuas iAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    O chì mi càirdean gach là dol clìAg iarraidh stòrais nach mòr a nìNach bochd an sluagh sibh, mas e ‘s nach d’fhuair sibh,An Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    Nach bochd an sluagh sibh mur d’fhuair iad iAn tiodhlac luachmhor mun cuala sibh;Ach thig an uair sam b’ e ‘n call nach d’fhuair iadAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    Cha cheannaich òr i ‘s cha cheannaich nìNo sprèidh air mòinteach no lòn na tìr;Is gheall an t-Uan dhomh nach toir E bhuam iAn Neamhnaid luachmhor a fhuair mi-fhìn.

    Nach fhiach i giùlain gu mùirneach leinn,Nach fhiach i h-iarraidh gu miann ar crìdh’;

    Naidheachdan

    Adhbhar Gàire

    Dàn

    ÙrnaighA Dhè ar n-Athair uile bheannaichte

    Tha sinn a’ toirt taing dhut airson na rinn thu air ar son nuair a cheannaich agus a shaor thu sinn tro d’ ìobairt

    air a’ chrann-cheusaidh. Deònaich gum biodh sinn daonnan a’ cuimhneachadh gu bheil do ghràdh agus

    do ghràs nas motha agus nas cumhachdaiche na tha ar cuid pheacaidhean agus fhàillinnean.

    A Thighearna, glòir agus moladh a bhith dhutsa air sgàth do ghràidh agus d’ fhialaidheachd!

    Amen.

    AM FEAR-DEASACHAIDHMa tha sibh airson naidheachdan no beachdan a chur dhan Sgioba Deasachaidh, faodar post-d a chur gu [email protected].