33
bbc.co.uk/foghlam CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004 TÌR A’ CHIÙIL Sreath 1 BBC Radio nan Gaidheal 1. Obair, obair, Fhearchair 2. Pìobairean Smearcleit 3. Rìgh nan Eun 4. Sgeulachd an Tàilleir 5. Sùil air ais 6. Sgeulachd nan Saighdearan (1) 7. Sgeulachd nan Saighdearan (2) 8. Sgeulachd nan Saighdearan (3) 9. Sgeulachd nan Saighdearan (4) 10. An sgeulachd air fad Chaidh na notaichean tidsear a sgrìobhadh le Iseabail T NicDhòmhnaill. Tha còraichean glèidhte air cuid dhen stuth a th’ anns na notaichean seo, ach tha cead ga thoirt mac-samhail a dhèanamh dhiubh airson adhbharan co-cheangailte ri foghlaim CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

TÌR A’ CHIÙILdownloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/tir_series1.pdfchòir dhan chiad bhuille dhe na ceithir a bhith nas treasa na na trì eile. CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM

  • Upload
    others

  • View
    11

  • Download
    0

Embed Size (px)

Citation preview

  • bbc.co.uk/foghlam

    CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

    TÌR A’ CHIÙIL

    Sreath 1

    BBC Radio nan Gaidheal

    1. Obair, obair, Fhearchair 2. Pìobairean Smearcleit 3. Rìgh nan Eun 4. Sgeulachd an Tàilleir 5. Sùil air ais 6. Sgeulachd nan Saighdearan (1) 7. Sgeulachd nan Saighdearan (2) 8. Sgeulachd nan Saighdearan (3) 9. Sgeulachd nan Saighdearan (4) 10. An sgeulachd air fad

    Chaidh na notaichean tidsear a sgrìobhadh le Iseabail T NicDhòmhnaill.

    Tha còraichean glèidhte air cuid dhen stuth a th’ anns na notaichean seo, ach tha cead ga

    thoirt mac-samhail a dhèanamh dhiubh airson adhbharan co-cheangailte ri foghlaim CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    Tìr a' Chiùil Tha na deich prògrmanan anns an t-sreath seo a' toirt taic do dh'obair ann an ceòl 's a' buntainn ri na h-eòlasan anns na h-ealain chruthachail aig a' chiad 's an darna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais Bheir iad cothrom dhan chloinn:

    i. an guthan a chleachdadh ii. tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil iii. èisteachd le tuigse ri ceòl iv. còmhradh mu cheòl v. eòlas a chur air faclan co-cheangailte ri ceòl

    Anns na prògraman seo, bidh Ceit agus Ruairidh a' cur ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris. Tha ceithir sgeulachdan goirid air an cleachdadh ann am prògraman 1-4, agus aon sgeulachd fhada ann am prògraman 6-9. Ann am prògram 5, bidh cothrom ann a dhol thairis air na rinneadh thuige sin, agus beagan a chur ris. Ann am prògram 10, bidh an sgeulachd a chaidh a chleachdadh ann am prògraman 6-9 air a h-innse gu slàn. Cluinnear 15 òran anns an t-sreath.Tha sia dhiubh sin o bheul-aithris, agus na naoi eile air an sgrìobhadh às ùr airson nam prògraman. Tha sinn a' toirt taing do Sgoil Eòlais na h-Alba airson taic agus cuideachaidh le rannsachadh mun sgeulachd air a bheil prògraman 6-9 stèidhichte. Ceanglaichean ri cuspairean eile 1. Cànan A' dèanamh banca de dh'fhaclan co-cheangailte ri ceòl, agus faclan a bhiodh iomchaidh gus bruidhinn mu dheidhinn ciùil, agus mu dheifir fhuaimean agus na faireachdainnean a bhios iad a' dùsgadh. 2. Matamataig 1. Ag aithneachdainn nan seataichean dham buin ionnstramaidean. 3. Ealain agus Dealbhadh A' dèanamh dhealbhan ann an iomadh meadhan de na tha tachairt anns na sgeulachdan. 4. Dràma agus Teicneolas 1. Tha cothroman ann gus na sgeulachdan a sgrìobhadh air a' choimpiutar, agus dealbhan agus fuaimean a chur riutha. 2. Faodar èisteachd ri fuinn nan òran air a' choimpiutar. 3. Faodar a h-uile tè dhe na sgeulachdan a chur an cèill mar dhealbh-cluich le òrain, ceòl is fuaimean. NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 1 - Obair, obair Fhearchair Amas an teagaisg - A bhith ag aithneachadh nam fuaimean a tha iomchaidh gus faireachdainnean sònraichte a chur an cèill. Cluinnear mu fhear dham b' ainm Fearchar, a bha uabhasach fhèin leisg, ach gu math seòlta. Tha an sgeulachd ag innse mar a thug e an car às na sìthichean a bha ga shàrachadh. Eacarsaid 1 Cluinnear Ceit agus Calum an coimpiùtar a' cur fàilte air a chèile ann an ruitheam. Feuch seo le ionnstramaid neoghleusta no le fuaimean bodhaig. Eacarsaid 2 Cluinnear eisimpleirean anns a' phrògram air dòighean air dealbh-fuaim a dhèanamh de latha a tha fuar agus fliuch. Feuch ri dòighean eile a chruthachadh. Òran 1 Thig a-null, thig a-null dhan an eilean Thig a-null, thig a-null dhan an eilean Cluinnidh sinn sgeulachdan, òrain is ceòl Nuair a thèid sinn a-null dhan an eilean Tha fuaimean cho binn anns an eilean Tha ionnstramaidean grinn anns an eilean Nì sinn pìosan ciùil agus seinnidh sinn òrain An Innis nan Craobh - Tìr a’ chiùil Thig a-null, thig a-null dhan an eilean Thig a-null, thig a-null dhan an eilean Cluinnidh sinn sgeulachdan, òrain is ceòl Nuair a thèid sinn a-null dhan an eilean NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    Òran 2 Tha sinn ag obair anns an achadh - Tha sinn trang! Tha sinn ag obair anns a' phàirc - Tha sinn trang! Tha sinn ag obair anns a' choillidh - Tha sinn trang! A' seinn, "Obair, obair, Fhearchair," fad an là. Tha sinn cho toilichte ag obair - Tha sinn trang, A' seinn, "Obair, obair, Fhearchair," fad an là. Tha sinn ag obair anns an iodhlainn - Tha sinn trang! Tha sinn ag obair anns a' bhàthach - Tha sinn trang! Tha sinn ag obair anns a' ghàrradh - Tha sinn trang! A' seinn, "Obair, obair, Fhearchair," fad an là. Tha sinn cho toilichte ag obair - Tha sinn trang, A' seinn, "Obair, obair, Fhearchair," fad an là. An dèidh a' phrògraim 1. Tha an sgeulachd a' tòiseachadh leis na sìthichean a' dannsa ri port singilte sìmplidh. Tha am port stèidhichte air na pongan C,D,E,G,A. Èist ris uair no dhà, agus a' cleachdadh nan aon phongan, air ionnstramaid-ghleusta sam bith, feuch ri port-dannsa mar seo a dhèanamh. 2. Cuir a' bhuille ris an òran le maidean-ciùil no le fuaimean leis na meòirean mar a chluinnear anns a' phrògram.

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 2 - Pìobairean Smearcleit Amas an teagaisg - A bhith seinn òrain de dhiofar seòrsa. Anns a’ phrògram bidh Ceit is Ruairidh ag obair air film mu Phìobairean Smearcleit. Cha robh an gille a b' òige san teaghlach seo idir math air pìobaireachd mar a bha athair agus a bhràithrean. Cluinnear anns an sgeulachd mar a thug bodach-sìth comas dhan ghille a bhith air leth math air cluich - fada na b' fheàrr na na pìobairean ainmeil a thàinig air chèilidh aon latha. Òran 1 'Chaorainn, a chaorainn, Buailidh mi sa chlaigeann thu, 'Chaorainn, a chaorainn, Cnagaidh mi sa cheann thu. 'Chaorainn, a chaorainn, Buailidh mi sa chlaigeann thu, 'Chaorainn, a chaorainn, Cnagaidh mi sa cheann thu. Nì mi pronnasg orra cheann Mura dèan thu solas dhomh Nì mi pronnasg orra cheann Mura las thu lampa. Nì mi pronnasg orra cheann Mura dèan thu solas dhomh Nì mi pronnasg orra cheann Mura las thu lampa. Feumaidh an t-òran seo a bhith air a sheinn gu h-aotrom, gu togarrach, ach le buille chìnnteach, chunbhalach. Eacarsaid Bidh a' chlann a' comharrachadh nam buillean anns gach sreath, le bhith a' bualadh am basan ri chèile air a' chiad bhuille, agus gam bualadh air an glùinean airson nan trì eile, mar: 1 2 3 4 'Chaor-ainn, a chaor-ainn 1 2 3 4 Buailidh mi sa chlaig-eann thu Òran 2 Tha 'n crodh-laoigh air aodann, aodann, Tha 'n crodh-laoigh air aodann Corrabheinn. Tha 'n crodh-laoigh air aodann, aodann, Tha 'n crodh-laoigh air aodann Corrabheinn. Tha 'n crodh eile, eile, eile, Tha 'n crodh eile air Eilein an Fhèidh. Tha 'n crodh eile, eile, eile, Tha 'n crodh eile air Eilein an Fhèidh. Bu chòir dhan òran a bhith air a sheinn ann an dòigh ciùin, socair, le aon anail gach sreath.

  • bbc.co.uk/foghlam

    Òran 3 A hao ill a hò ill 's e Cairistion' nighean Eòghainn A hao ill a hò ill cha mhòr nach do chailleadh i. A hao ill a hò ill 's e Cairistion' nighean Eòghainn A hao ill a hò ill cha mhòr nach do chailleadh i. U bhil U bhì! Seinnidh Cas Odhar a' phìob. U bhil U bhi! Nì sinn ruidhill aighearrach. U bhil U bhì! Seinnidh Cas Odhar a' phìob. U bhil U bhi! Nì sinn ruidhill aighearrach. ‘S e seann ruidhle a tha anns a' phort seo. Tha e cudromach gun èistear gu math ris an dòigh a bhithear a' seinn nam faclan, "Seinnidh Cas Odhar a' phìob". An dèidh a' phrògraim 1. Chualar port beag anns a' phrògram nuair a bha an gille a' leum agus a' bocadaich le toileachas. 'S e port singilte a th' ann. Feuch ri port dhen t-seòrsa seo a dhèanamh, a' cleachdadh nan sia pongan C, D, E, F, G agus A. 2. Feuch ris an Srath-Spè 'Chaorainn, a chaorainn agus an ruidhle Cairistion' nighean Eòghainn a cheangal ri chèile. Bu chòir dhan ruidhle a bhith gu math nas luaithe na an Srath-Spè. CR

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 3 - Rìgh nan Eun Amas an teagaisg - A bhith mìneachadh mar a tha seòrsachan de dh'fhuaimean eadar-dhealaichte bho chèile. An-diugh, cluinnear mar a rinn an dreathan donn an gnothach air an iolaire ann am farpais. Òran 1 Sèist Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm. 'S tha mulad mòr às t-aonais orm. Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm. Fhuair mi nead na liath-chirce Am bàrr nan tonnan iargalta. Bha 'n coileach anns a' chliabadaich Is cliabh air bac a' ghaoirdein. Sèist Chunna' mi na tàrmachain An talamh-toll 'san àrd-doras Bha dreathan-donn 's dà ràmh aige 'Cur bàt' an aghaidh gaoithe. Sèist Bu chòir èisteachd gu math ris mar a bhithear a' seinn nan lidean a th' air an comharrachadh, oir tha dà phong air gach fear dhiubh. Eacarsaid Cluinnear grunn de dhiofar eòin anns a' phrògram, mar an calman, an clacharan, an traon agus an naosg, agus bidh Ruairidh agus Ceit ag atharrais orra sin. Feuch ri seo a dhèanamh còmhla riutha. An dèidh a' phrògraim, faodaidh a' chlann smaoineachadh air eòin eile air am faodadh iad atharrais le fuaim-gutha, fuaim-bodhaig, neo fuaim-ionnstramaid. Òran 2 Tha mi 'g itealaich cho àrd, àrd; Tha mi dannsa anns an adhar; Tha mi fad os cionn nan sgòthan: Is mise Rìgh nan Eun. Tha mi shuas os cionn nam beanntan; Tha mi shuas os cionn nan gleann; Tha mi shuas os cionn nan tìrean: Is mise Rìgh nan Eun. Eacarsaid Faodaidh a' chlann pàtran le ceithir buillean a chur ris an òran, le ionnstramaidean neo-ghleusta, no le fuaimean bodhaig (m.e. bualadh am basan no a' sgailceadh an glùinean). Bu chòir dhan chiad bhuille dhe na ceithir a bhith nas treasa na na trì eile. CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    An dèidh a' phrògraim 1. Faodar iomadh pàtran a dhèanamh le ceithir buillean, a dh'fhaodar a chleachdadh anns an òran aig an dreathandonn. Seo feadhainn dhiubh: Taa stad taa taa no Taa ta-te taa taa no Ta-te ta-te taa taa no Ta-te taa taa taa Bu chòir na pàtarain seo a chur ris an òran le ionnstramaid neo-ghleusta, neo le fuaimean-bodhaig. 2. Faodar fonn an òrain seo a chluich air saileafòn no glockenspiel air na pongan a leanas: C. D. E. G. A agus C àrd. CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 4 - Sgeulachd an tàilleir Amas an teagaisg - A bhith riochdachadh ceòl le dealbh no pàtran. Anns a’ phrògram cluinnear mar a bhuinnig tàilleir geall gun cuireadh e seachad oidhche ann an seann cladh far an robh taibhs. Eacarsaid Bidh Calum an coimpiutar a' cluich pìosan goirid de cheòl, agus tha Ceit is Ruairidh a' dèanamh dhealbhan dhiubh. Bidh iad a' mìneachadh mar a nì iad trì dhiubh seo. Faodaidh gach neach dealbh a dhèanamh dhen cheathramh pìos mar a bhios iad fhèin a' saoilsinn a bhiodh iomchaidh. Òran 1 Tha sìor chaoineadh am beinn, am beinn. Tha sìor-chaoineadh am Beinn a' Cheò. Tha sìor-chaoineadh am Beinn Dòbhrain, 'S gaol mo chrìdh' am Beinn a' Cheò Tha dà làimh mo leanaibh, leanaibh, Tha dà làimh mo leanaibh fuar. Tha dà làimh mo chuilein ghaolaich, Tha dà làimh mo laoghaich fuar. Bu chòir an t-òran seo a sheinn ann an dòigh rèidh, tiamhaidh. Eacarsaid Cluinnear an ruitheam aig na faclan, "Ceann mòr fada liath ,'s e gun bhiadh a' thàilleir," dà uair. Tha e nas fhuaimniche an dàrna uair. Feuch an ruitheam a chluichd mar seo air ionnstramaid neo-ghleusta sam bith.

  • bbc.co.uk/foghlam

    Òran 2 Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Fosgail an doras dhan fhìdhleir thàilleir. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Cliamhain a' rìgh, fìdhleir tàilleir. 'S dìleas mise dha 's càirdeach mi dha. 'S dìleas mise dhan fhìdhleir thàilleir. 'S dìleas mise dha 's càirdeach mi dha. Cliamhain a' rìgh, fìdhleir tàilleir. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Fosgail an doras dhan fhìdhleir thàilleir. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Cliamhain a' rìgh, fìdhleir tàilleir. Bainne nan gobhar dhan tàilleir fhìdhleir. Bainne nan gobhar dhan fhìdhleir thàilleir. Bainne nan gobhar dhan tàilleir fhìdhleir. Cliamhain a' rìgh, fìdhleir tàilleir. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Fosgail an doras dhan fhìdhleir thàilleir. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir. Cliamhain a' rìgh, fìdhleir tàilleir. Chan eil cus ùine gus anail a tharraing anns a' phort seo. Bu chòir amas air grunn dhe na sreathan a sheinn ann an aon anail. Tha e cudromach gun èistear gu math ris an dòigh anns a bheil na faclan, "Cliamhain a' rìgh," air an seinn. Tha iad air am bristeadh le dà lide ris gach buille. Mar sin, tha a' bhuille air "Cliamh" agus "a". Seo an sreath air fad: Cliamh-ain/a' rìgh/fìdh-leir/tàill-eir Ged a bhios an t-òran gu slàn ri chluinntinn anns a' phrògram seo, bidh na rannan air an teagasg ann am prògram 5. An dèidh a' phrògraim 1. Ag obair ann am buidhnean, agus le cuideachadh bhon tidsear, faodaidh a' chlann cothroman a ghabhail gus fuinn bheaga ghoirid a chluich air an dèan càch dealbh no pàtran. 2. Èist a-rithist ris an sgeulachd agus feuch ri dhèanamh a-mach mar a bha na fuaimean air an dèanamh. A bheil fuaimean eile ann a ghabhadh an cleachdadh?

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 5 - Sùil air ais Amas an teagaisg - A bhith seinn gu h-aona-ghuthach, le tuigse agus faireachdainn. Bidh sinn a' toirt sùil air ais air na rinneadh ann am prògraman 1-4 agus ag ionnsachadh nan earrannan dhe na h-òrain nach do rinneadh roimhe. Seo na h-òrain a chluinnear: 1. Thig a-null 2. Tha sinn ag obair 3. 'Chaorainn, a' chaorainn 4. Tha 'n crodh-laoigh air aodann Corrabheinn 5. Cairistion' nighean Eòghainn 6. Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm 7. Tha mi 'g itealach cho àrd, àrd 8. Tha sìor chaoineadh am beinn, am beinn 9. Fosgail an doras dhan tàilleir fhìdhleir Tha an ceòl-taic aig an t-sèist aig "Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm" air a mhìneachadh anns a' phrògram.

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 6 - Sgeulachd nan saighdearan (1) Amas an teagaisg - Dòighean air bruidhinn air na faireachdainnean a bhios pìosan-ciùil eadar-dhealaichte a' dùsgadh agus na h-adhbharan airson seo. Eacarsaid 1 Cluinnear trì pìosan ciùil gu math eadar-dhealaichte: i. Pìos feargach ii. Pìos tùrsach iii. Pìos sunndach Smaoinich dè tha toirt air na pìosan ciùil na faireachdainnean seo a dhùsgadh. Èist gu dlùth ris na faclan agus na h-abairtean a th' air an cleachdadh mu na pìosan ciùil. Seo cuid dhiubh: i. a' cur eagal orm, fiadhaich, fuaimneach ii. tiamhaidh, mall iii. togarrach, toilichte Seo fiosrachadh eile a chluinnear mu na pìosan ciùil seo: i le pongan goirid ii le pongan fada iii le leum-bhuille An sgeulachd An-diugh, cluinnear mu thriùir shàighdearan, a theich bhon ghearastan aca anns na h-Innsean. Tha iad a' dol iomrall ann an coille dhorcha, ach an ceann ùine tha iad a’ tighinn gu àite rèidh, gorm le loch àlainn. Faisg air làimh, tha caisteal mòr. Tha na saighdearan a' dol thuige agus a' dol a-steach. Eacarsaid 2 Cluinnear rann beag aig na saighdearan nuair a tha iad a' teicheadh. Bu chòir an clas a bhith ann an dà bhuidheann gus an rann seo aithris. Bidh aon bhuidheann a' cluich an ruitheam air ionnstramaidean neo-ghleusta nuair a bhios iad ga aithris. Seo an rann:

    1 Tha sinn a' dol dhachaigh. 2 Tha sinn a' dol dhachaigh. 1 Fàgaidh sinn an dùthaich. 2 Fàgaidh sinn an dùthaich. 1 Cha till sinn gu bràth. 2 Cha till sinn gu bràth.

    Eacarsaid 3 Bha mòran de dh'fhuaimean neònach anns a' choille. Dè na fuaimean bodhaig, gutha, neo ionnstramaid a bhiodh iomchaidh gus na fuaimean a dhèanamh? CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    Òran 1 Tha 'n oidhche dorcha. Tha mi air chall. Air chall anns a' choillidh dhubh, dhorcha Tha drisean gam stialladh. Tha mi ann am pian Geàrr iad! Stamp iad - feuch an dèan sinn rathad Rathad anns a' choillidh dhubh, dhorcha Sèist Tha duilleach a' gluasad. Saoil dè a th' ann Seall e! Cluinn e! 'Bheil mi faicinn nathair Nathair anns a' choillidh dhubh, dhorcha? Sèist Tha fuaimean cho neònach, èigheach cho àrd Sgreuchail, rànaich, tha mi làn de dh'eagal Eagal anns a' choillidh dhubh, dhorcha Sèist Òran 2 Tha sìth is sàmhchar anns an àit'. Tha an loch gam thàladh. Uisge fìorghlan, uisge fuarghlan, Saoil an e aisling a th' ann. An e aisling a th' ann? An e aisling a th' ann? Saoil an e aisling a th' ann. Òr is airgead - dathan àlainn Air na tuinn a' deàrrsadh. Toinnte ann an dannsa tàibhseil, Saoil an e aisling a th' ann. An e aisling a th' ann? An e aisling a th' ann? Saoil an e aisling a th' ann. Ann am prògram 6, cha bhithear ach a' teagasg nan sèistean. Bidh an còrr dhen òran air a theagasg anns an ath phrògram. Bu chòir dhan òran seo a bhith air a sheinn ann an dòigh gu math socair, rèidh. Cha bu chòir dha a bhith ro fhuaimneach. An dèidh a' phrògraim 1. Bha pàtran beag òir is airgid a' nochdadh air an uisge anns an loch. Ag obair ann am buidhnean, feuch ri dealbh-fuaim a dhèanamh dhe na stuadhan anns an loch le bhith a' cluich pàtrain ghoirid air ionnstramaidean meatailt. Ceòl èisteachd On the waterfont - Bernstein American Quartet (Slow Movement) - Dvorak Pineapple Rag - Scott Joplin

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM TÌR A’ CHIÙIL FOGHAR 2004

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 7 - Sgeulachd nan saighdearan 2 Amas an teagaisg - A bhith ag aithneachadh nam fuaimean a nì diofar ionnsramaidean. An sgeulachd Cha robh neach sam bith ri fhaicinn anns a' chaisteal, ach lean na saighdearan orra gus an do ràinig iad an talla mòr. Bha bòrd an sin loma-làn dhen bhiadh a b' fheàrr agus bha trì cathraichean romhpa le deiseachan àlainn òr orra. Chuir na saighdearan orra na h-aodaichean seo agus shuidh iad aig a' bhòrd. An dèidh sin, chaidh iad a chadal. Nuair a dh' èirich iad anns a' mhadainn, chaidh iad sìos chun an locha. An sin, bha trì ealachan stàideil. Chuir na saighdearan seachad iomadh latha toilichte anns an sgìre, agus tha am bòrd mòr anns a' chaisteal air a lìonadh dhaibh gach feasgar. Ach aon latha, tha fear dhe na saighdearan a' caoidh nach robh bean aige. Gu grad, tha gach rud prìseil a fhuair na saighdearan a' dol à sealladh. Eacarsaid 1 Cluinnear ionnsramaidean a bhithte a' cluich ann an caistealan o chionn fhada - an trompaid, an lute agus clàrsach le teudan uèir. Feuch ri fiosrachadh a lorg ann an leabhraichean agus air an eadar-lìon mu ionnstramaidean eile a bhiodh rin cluinntinn ann an caistealan, agus ann an taighean nan uaislean o chionn fhada. Eacarsaid 2 Ann am prògram 6, rinneadh pàtarain beaga le ionnstramaidean meatailt. Smaoinich mar a dh'fhaodadh cuid dhiubh a bhith air an cleachdadh anns an òran Tha sìth is sàmhchar anns an àit'. Dh'fhaodadh iad a bhith ron òran, mar thaic ris, eadar na rannan, no aig an deireadh, mar a bhiodh iomchaidh. Òran 1 Caidil gu socair, caidil gu sèimh. Dùisg gu fallain a-màireach. Caidil gu sàbhailt', caidil gu trom, Is cumaidh mi faire tron oidhch'. Èirich gu sunndach, èirich gu slàn. Èirich gu fallain a-màireach. Tha mise gad dhìon o chunnart is olc, Is cumaidh mi faire tron oidhch'. Is mise an eala tha snàmh san loch. Seinnidh mi m' òran tàlaidh. Caidil gun eagal - tha mise an seo, Is cumaidh mi faire tron oidhch'. Eacarsaid 3 Nuair a ghearaineas an saighdear nach eil bean aige, cluinnear rann goirid an dèidh ceithir buillean air an druma. Tha a' bhuille air a cluich tron rann seo. Seo an rann: Cupannan, sàsaran, Chaidh iad uil' à sealladh. Truinnsearan, cuachan, Chaidh iad uil' à sealladh. Na cathraichean cho prìseil. Chaidh iad uil' à sealladh. Na h- aodaichean àlainn, Chaidh iad uil' à sealladh.

  • bbc.co.uk/foghlam

    An dèidh a' phrògraim Feuch ris an òran Caidil gu socair a chluich air ionnstramaid ghleusta. Feumar na pongan C, D, E, F, G, A, agus an C os an cionn. Bidh an t-òran a' tòiseachadh air an D. Tha an ceòl sgrìobhte aig deireadh nan notaichean.

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 8 - Sgeulachd nan saighdearan (3) Amas an teagaisg - A bhith toirt beachd air pìosan ciùil agus mar a tha iad air an cruthachadh. An sgeulachd Dh'fhalbh na h-aodaichean àlainn agus gach rud prìseil a bh' aig na saighdearan gu grad, nuair a thòisich fear dhiubh air caoidh nach robh bean aige. Thug am fear sin an aire do sheann dùdach ann an oisean. Thog e an dùdach, agus sheinn e i. Thòisich stoirm is uisge. Sheinn e rithist i, agus dh'fhàs an stoirm na bu mhiosa. A dh'aindeoin comhairle a chompanaich, sheinn e an dùdach an treas uair. Dh'atharraich an aimsir gu tur, agus bha am feasgar sìtheil, ciùin. Eacarsaid Tha sinn a' lorg fhaclan a dh'innseas mu phìosan ciùil. Seo cuid dhe na faclan agus abairtean a th' air an cleachdadh mun dà phìos ciùil a chluinnear: i. feargach, eagallach, bras, an-fhoiseil, cumhachdach, neartmhor — làn de phongan-ciùil goirid, a' gluasad ann an leumannan ii. ciùin, ceòlmhor, socair, sìtheil, blàth — làn de phongan fada a tha gluasad gu rèidh Dè na faclan eile a bhiodh iomchaidh? Òran 1 Tàirneanaich a' gluasad na talmhainn Agus dealanaich a' sgoltadh an adhair. Thàinig dìle 's uisge, gailleann agus gaoth Mar gum biodh na dùlan ann an cogadh. Dorchadas a' mùchadh nan reultan Agus lasraichean a' sracadh nan speuran Chualas sgreuchail, bùirich, sgreadail agus gaoir Mar gum biodh na dùlan ann an cogadh. An dèidh a' phrògraim Feuch an eacarsaid le pìosan ciùil eile. Ceòl èisteachd i. Rite of Spring (Sacrifice) - Stravinsky ii. Hamabe no uta (Song of the seashore) - Tamezo Narita

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 9 - Sgeulachd nan saighdearan (4) Amas an teagaisg - A' cleachdadh nam fuaimean gus dealbh-ciùil a dhèanamh. An sgeulachd Bha fois anns an àite a-rithist. Cha robh sgeul air na h-aodaichean àlainn a bh' aig na saighdearan ge-tà. A bharrachd air a sin, cha robh biadh air a' bhòrd. Chaidh na saighdearan a chadal an oidhche sin a' faireachdainn gu math acrach. Eacarsaid 1 Ag aithneachadh on cheòl an cuspair air a bheil e toirt dhuinn dealbh. Tha an ceòl a chluinnear a' toirt dhuinn dealbhan air na leanas: i. a' chuthag ii. cearcan is coilich iii. an eala Cluinnear beachdan anns a' phrògram air mar a tha na dealbhan-fuaim seo air an cur ri chèile. Eacarsaid 2 A' cur fuaimean ris an òran Tairneanaich a' gluasad na talmhainn, gus dealbh a dhèanamh dhen stoirm. Tha seo air a mhìneachadh anns a’ phrògram. Faodar an eacarsaid a dhèanamh an dèidh na mìneachaidh seo, no an dèidh a' phrògraim. Bu chòir ceathrar a bhith anns gach buidheann, le measgachadh de dh'ionnstramaidean gleusta agus neo-ghleusta. Bidh aon neach anns a' bhuidheann a' comharrachadh na buille fad na h-ùine. Òran 1 Oidhche shìtheil, chiùin, Oidhche shìtheil, chiùin. Dh'fhalbh gach olc is cunnart. Caidil! Tha sibh sàbhailte. Oidhche shìtheil, chiùin, Oidhche shìtheil, chiùin. Tha mi seo a' feitheamh. Caidil! Tha sibh sàbhailte. An dèidh a' phrògraim 1. Feuch an t- òran Oidhche shìtheil, chiùin a chluich air ionnstramaid ghleusta mheatailt m.e. an Glockenspiel. Ceòl èisteachd i. The cuckoo in the wood (Carnival of the animals) - Saint-Saëns ii. Cocks and hens (Carnival of the animals) - Saint-Saëns iii. The swan (Carnival of the animals) - Saint-Saëns

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

  • bbc.co.uk/foghlam

    Prògram 10 - An sgeulachd air fad Amas an teagaisg - A bhith seinn gu h-aona-ghuthach, le tuigse agus faireachdainn. Anns a' phrògram seo, cluinnear an sgeulachd air fad, leis na h-òrain agus na rannan a chaidh an teagasg thairis air an t-sreath.